
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha an iris ainmeil, Reader's Digest, a' dol à bith às dèidh faisg air naochad bliadhna. Tha sinn a' toirt sùil air eachdraidh na h-iris agus a' bruidhinn ri feadhainn a bha gu math dèidheil air.
Tha dràma ri ùr fhaicinn air telebhisean an-dràsta, den nobhail The Tattooist of Auschwitz le Heather Morris. Chaidh còrr air trì millean iris den nobhail a reic air feadh an t-saoghail bho chaidh fhoillseachadh bho chionn còrr air sia bliadhna. Cò ris a tha an dràma coltach agus ciamar a tha e a' suidhe ri toabh prògraman agus dràmathan eile mu Auschwitz?
Tha mìos a' Chèitein ga chomharrachadh mar Mhìos Nàiseanta na Coiseachd. Gach seachdain tron mhìos, tha sinn a' dol a chluinntinn bho fheadhainn ann an diofar sgìrean, mu na cuairtean as fheàrr leotha fhèin 's a' faighneachd dè tha 'd a' faighinn às. An-diugh tha Alasdair Laing dhar toirt cuairt timcheall na h-eileanan beaga ann an teis mheadhan Abhainn Nis.
Agus dè cho fùrasta 's a tha e sùbhan-làir fhàs? Gheibh sinn comhairle bho Chalina NicDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 9 May 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 9 May 202422:25BBC Radio nan Gàidheal