
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha Comann Rìoghail Tuathanachais-gharraidh a’ comharrachadh gur e seo Seachdain Nàiseanta Gàirneilearachd. Le prìs lusan agus measan a' fàs cho daor, tha barrachd dhaoine a’ coimhead airson dòighean air airgead a shàbhaladh 's iad a' cur agus a' fàs an cuid fhèin. Bha triùir còmhla rinn a th' air a bhith gu math trang sa gharradh agus thug iad dhuinn comhairle air mar a tha iad fhèin a' sàbhaladh na sgillinnean.
Bha Aonghas Pàdraig Caimbeul a' rùileach tro thasglann nam pàipearean-naidheachd, a' sireadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain s' ann an eachdraidh. An t-seachdain seo thug e sùil air Mac Talla, pàipear-naidheachd à Ceap Breatainn.
Rugadh cèiliche na seachdain sa, Danny MacAoidh, ann am Bail' an Truiseil air taobh siar Eilean Leòdhais. Nuair a bha e naoi-bliadhna-deug ghluais e a Lunnainn far an robh e a' fuireach airson còrr is deich bliadhna fichead mus do thill e a Leòdhas. Tha e an-diugh a' cur seachad an tìde air tractar 's leis an taraisgeir, no a' cluiche clàran ceòl country air an stèisean ionadail Isles FM.
Bha là ann, 's nam b' e 's gu robh sian ceàrr air einnsean a' chàr, gu feuchadh tu fhèin neo cuideigin meadhanach eòlach, air a chur ceart. Ach a bheil na làithean sin seachad a-nise 's gu bheil càraichean an crochadh cho mòr air coimpiutair? Chuala sinn bho fheadhainn ris an robh e a' còrdadh a bhith a' rumastaireachd ann an einnsean!
Last on
Broadcast
- Sun 5 May 202412:00BBC Radio nan Gàidheal