
le Cathy NicDhòmhnaill
Mar a bha Latha Buidhe Bealltainn air a chomharrachadh sna dùthchannan Cèilteach. Le Cathy NicDhòmhnaill. How May Day was celebrated in Celtic nations. With Cathy MacDonald.
Mìnichidh an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mar a bha Latha Buidhe Bealltainn air a chomharrachadh sna dùthchannan Cèilteach thar na linntean.
Cluinnidh sinn mu shreath ùr de phrògraman, Dùbhlain DIY, a tha a' tòiseachadh air BBC Alba Diluain, far a bheil sia sgiobaidhean de dhithis a' strì an aghaidh a chèile airson duais £2000 a bhuannachadh.
Rugadh cèiliche na seachdain sa, Danny MacAoidh, ann am Bail' an Truiseil air taobh siar Eilean Leòdhais. Nuair a bha e naoi-bliadhna-deug ghluais e a Lunnainn far an robh e a' fuireach airson còrr is deich bliadhna fichead mus do thill e a Leòdhas. Tha e an-diugh a' cur seachad an tìde air tractar 's leis an taraisgeir, no a' cluiche clàran ceòl country air an stèisean ionadail Isles FM.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 1 May 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 1 May 202422:25BBC Radio nan Gàidheal