
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Dè mar a tha àm breith nan uan air a bhith am-bliadhna do chroitearan is do thuathanaich? Bha mòran a' gearain air feadh na rìoghachd mu aimsir fhliuch. Chuala sinn bho fheadhainn ann an diofar cheàrnaidhean mar a chaidh leotha thuige seo.
Tha an leabhar ainmeil Albannach, Sunset Song, a sgrìobh Lewis Grassic Gibbon air nochdadh às ùr mar dhealbh-chluich. Tha e an-dràsta ri fhaicinn ann an Dùn Dè, mus tèid e a dh' Obar Dheathain, a dh' Inbhir Nis agus a Dhùn Èideann. Chuala sinn bho Wilma NicUalraig a chaidh ga fhaicinn air an deireadh sheachdain.
Chaidh taigh-tasgaidh ùr, stèidhichte air obair an ealanaiche Albannach, George Wyllie (1921-2012) , fhosgladh ann an Grianaig, Dihaoine. Rugadh Wyllie ann an Glaschu 's chuir e deich bliadhna thar fhichead seachad ag obair an Oifis na Cusbainn sa bhaile. Ach b' ann na ealanaiche a choisinn e fìor chliù, ag obair le stàilinn, fiodh, clach is pàipear. Thug an ealanaiche Ruairidh Moireach a' toirt sùil air a bheatha is obair.
B' e Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, cèiliche na seachdain. 'S ann sa Rubha ann a Leòdhas a chaidh Calum Ailig a thogail ach le ceangal làidir cuideachd ri sgìre nan Loch. Tha e an-diugh a' tàmh an Inbhir Nis agus mar a chuala sinn, mar na daoine dha bheil e, tha ceòl na smior agus aig meadhan a bheatha làitheil.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 28 Apr 202412:00BBC Radio nan Gàidheal