
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh air cuspairean làitheil le Cathy NicDhòmhnaill. Cathy MacDonald with a mix of topical stories and talking points.
Tha cothrom aig barrachd dhaoine na riamh roimhe, bhòtadh ann an taghaidhean choitcheann air feadh an t-saoghail am-bliadhna. A-mach à còrr air dà fhichead taghadh choitcheann a tha a' gabhail àite, chan eil ach ochd-deug dhiubh far a bheil boireannaich a’ seasamh airson dreuchd a' chinn-suidhe. Ach tha aon dùthaich far a bheil dòchas gum faighear ceann-suidhe boireann airson a’ chiad uair. Ann a Meagsago, tha dithis den triùir a tha a' seasamh boireann. Tha Maureen NicLeòid air a bhith a' leantainn suidheachadh poilitigeach Mheagsago.
Dè mar a tha àm breith nan uan air a bhith am-bliadhna do chroitearan is do thuathanaich? Bha mòran a' gearain air feadh na rìoghachd mu aimsir fhliuch. Tha sinn a' cluinntinn bho fheadhainn ann an diofar cheàrnaidhean mar a chaidh leotha thuige seo.
'S tha Aonghas Pàdraig Caimbeul air a bhith a' rùileach tro thasglann nam pàipearean-naidheachd, a' sireadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain s' ann an eachdraidh. 'S ann bhon Highland News a tha e air criomagan na seachdain sa a thaghadh, sa bhliadhna 1884. Am measg na th' aige, tha croitearean gam fuadach ann an Tiriodh agus gearain mu chus obrach ga bhruthadh air sgoilearan Inbhir Nis.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 23 Apr 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 23 Apr 202422:25BBC Radio nan Gàidheal