
le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air colbhan-beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh-sheachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Guests review the weekend's newspaper columns with Cathy MacDonald.
'S iad Siùsaidh NicDhonnchaidh agus Iain MacÌomhair a tha a' toirt sùil air na colbhan-beachd bho phàipearan na deireadh-sheachdain.
Tha an dealbh ainmeil, Rest on the Flight Into Egypt le Titian, gu bhith air a reic aig rùp san Iuchar 's thathar dhen bheachd gu faighear eadar £15 millea agus £25 millean not air a shon. Tha Iseabail Mhoireach a' toirt sùil air dè a dh'fhàg an dealbh cho ainmeil agus air beatha a' pheantair, Tiziano Vecellio neo Titian.
A robh sibh a' coimhead Scoop air an deireadh sheachdain? Tha othail gu leòr air a bhith a' dol mun dràma ùr air Netflix a tha stèidhichte air an agallamh ainmeil a rinn Emily Maitilis leis a' Phrionnsa Anndra, bho chionn corr air ceithir bliadhna. Bha Seonag Monk ga choimhead 's i ann an còmhradh ri Cathy.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 8 Apr 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 8 Apr 202422:25BBC Radio nan Gàidheal