
le Cathy NicDhòmhnaill
Eachdraidh Am Fear Liath Mòr air Beinn MacDhuibh. The history of The Big Grey Man of Ben MacDhui.
Tha sinn a' cluinntinn bho dhithis mun cheangal shònraichte a tha aca ri an cuid seudraidh. Cuid de phìosan prìseil a fhuair iad bho bhuill-theaghlaich agus cuid a fhuair iad aig àmannan sònraichte nam beatha.
Tha sinn a-nise air a thighinn a-steach dhan Earraich agus deisealachadh mòr ga dhèanamh sna gàrraidhean airson lusan agus sìtheanan a chur. Canaidh eòlaichean gum bu chòir saothair a dhèanamh an talamh ullachadh an toiseach mus cuir thu càil. Tha dòighean ann an talamh a bhiadhadh gun cus airgid a chosg mar a chluinneas sinn bho Calina NicDhòmhnaill.
Innsidh Ruairidh MacIlleathain dhuinn eachdraidh Am Fear Liath Mòr a tha luchd-sreap air fhaicinn 's air cluinntinn air Beinn MacDhuibh bho àm gu àm thar nam bliadhnaichean.
Na smaoinich sibh a-riamh air cò às a thàinig a liuthad rud a tha mu chuairt oirbh san dachaigh? Gach Diardaoin, tha Alasdair MacLeòid a' toirt sùil air an eachdraidh annasach, iongantach a th' aig iomadh nì am broinn an taighe. An-diugh - am bolt, gleocaichean, seomar nìghe agus an t-sòfa.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 21 Mar 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 21 Mar 202422:25BBC Radio nan Gàidheal