
le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air leabhar ùr mu bhoireannaich nan Eilean Siar. Cathy chats to Joni Buchanan about her new book, Hebridean Women : Stories of Strength & Courage.
Thèid leabhar ùr mu bhoireannaich nan Eilean Siar fhoillseachadh a-màireach air Là Eadar-nàiseanta nam Ban. Tha Women of the Hebrides /Ban-eileanaich Innse Gall: Stories of Strength and Courage air a chur ri chèile le Joni Bochanan à sgìre Uig ann a Leòdhas. Thar iomadh bliadhna, tha Joni air a bhith a' tional sgeulachdan agus cuimhneachain bhoireannach - eachdraidh shòisealta agus stòiridhean pearsanta, prìseil bho air feadh nan Eilean Siar. Tha i ann an còmhradh ri Cathy mu dheidhinn agus cluinnidh sinn guthan nam ban fhèin ann an criomagan bho na clàraidhean a rinn i còmhla riutha na rannsachadh.
'S e Là Mòr nan Leabhraichean a th' ann an diugh, 's tha Caristìona Walker air a bhith a' leugadh an nobhail, The Salt and the Flame le Dòmhnall S Moireach. Nochd e ig toiseach na bliadhna, sgeulachd stèidhichte air càraid òg, Fionnlagh is Mairead, a tha a' fàgail Leòdhais air bòrd a' Mhetagama ann an 1923. Dè mar a chòrd e ri Caristìona?
Na smaoinich sibh riamh air cò às a thàinig a liuthad rud a tha mu chuairt oirbh san dachaigh? Gach Diardaoin, tha Alasdair MacLeòid a' toirt sùil sùil air an eachdraidh annasach, iongantach a th' aig iomadh nì am broinn an taigh. An-diugh - bratan-bùird, truinnsearan, biorain-Sìneach, forcaichean agus spàinnean!
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 7 Mar 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 7 Mar 202422:25BBC Radio nan Gàidheal