
le Cathy NicDhòmhnaill
Tha grian an Earraich gar tarraing dhan ghàrradh. Dè na rudan bu chòir a dheànamh aig an àm seo? Spring gardening hints and tips.
Bidh Fèis bhàrdachd StAnza a' tachairt ann an Cill Rìmhinn air an deireadh sheachdain seo tighinn. Tha Cathy a' bruidhinn ri dithis a bhios an sàs ann.
Nach math grian an earraich fhaicinn agus faighinn dhan ghàrradh. Tha Cathy ann an còmhradh ri feadhainn mu na rudan a tha iad fhèin a' deànamh sa ghàrradh aig an àm seo dhen bhliadhna.
Tha Coinneach MacLeòid, a bhios a' cruinneachadh agus a' reic irisean is leabhraichean, air ais còmhla rinn le sùil air an iris Eilean an Fhraoich. Nochd a' chiad iris, fo stiùir Gasaet Steòrnabhaigh, ann an 1951. Tha Coinneach air ais le taghadh eile de chriomagan is aithrisean a tharraing aire.
Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul air a bhith a' rùileach tro thasglann nam pàipearean-naidheachd, a' sireadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain seo ann an eachdraidh. Nam measg, sanasan mu cho dona 's a bha leapanan iteach dhuinn!
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 5 Mar 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 5 Mar 202422:25BBC Radio nan Gàidheal