
le Cathy NicDhòmhnaill
An sgil a tha an luib a bhith a' gabhail geàrr-chunntas aig coinneamhan. The skill of taking minutes at meetings.
Luchd leantainn Coronation Street a' cuimhneachadh air a' bhùidsear, Fred Elliot, caractar a chluich John Savident, a chaochail an t-seachdain a chaidh, airson iomadh bliadhna.
Dè cho cudromach 's a tha e a bhith a' gabhail geàrr-chunntas aig coinneamhan? Agus dè cho dèidheil 's a tha daoine air a bhith a' gabhail uallach cunntas mionaideach a chumail de na chaidh a ràdh? Gheibh sinn beachd bho thriùir a tha gu math eòlach air a bhith frithealadh choinneamhan.
Cluinnidh sinn bho Oifigear Comann Rìoghail Dìon nan Eunlaith, Shona MacGillFhialain, dè a bha ri fhaicinn aig Fèis Eunlaith Geamhraidh ann an Ìle agus an Diùraigh an t-seachdain a chaidh.
Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul air a bhith a' rùileach tro thasglann nam pàipearean-naidheachd, a' sireadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain s' ann an eachdraidh. Nam measg, lorg e gun thoisichear a' cleachdadh an teisteanas sgoile, Scottish Leaving Certificate, air 28mh Gearran 1888 agus mar a mhair e gu 1962.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 27 Feb 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Feb 202422:25BBC Radio nan Gàidheal