
le Maureen NicLeòid
Sùil air an tinneas haemochromatosis a tha bitheanta ann an daoine Ceilteach. Thousands of people are being offered screening for haemochromatosis. What is it?
Tha deuchainnean gan tabhann do na mìltean dhaoine gus faicinn a bheil iad buailteach dhan tinneas haemochromatosis. Tha e nas cumanta ann an daoine Ceilteach 's canar 'The Celtic Curse' ris, ri linn sin. Tha Maureen a' cluinntinn bho fheadhainn air a bheil e agus bho fheadhainn aig a bheil eòlas air buaidh haemochromatosis.
Chaidh tràigh ann am Beàrnaraigh na Hearadh ainmeachadh bho chionn ghoirid mar tè de na tràighean as brèagha san t-saoghal. B' e a' chompanaidh siubhail Lonely Planet a chruthaich liosta de thràighean bho air feadh na cruinne. Dè na tràighean as fheàrr leibhse agus carson?
Tha sgeulachdan grinn Paddington a' dol a nochdadh anns a' Ghàidhlig a dh'aithghearr airson a' chiad uair. Tha 'd air an eadar-thangachadh le Gillebrìde MacIlleMhaoil 's tha e ann an còmhradh ri Maureen mu dheidhinn.
Last on
Broadcasts
- Thu 8 Feb 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 8 Feb 202422:25BBC Radio nan Gàidheal