
le Cathy NicDhòmhnaill
Beachd air a' phrògram telebhisein mu stailc nam mèinnearan ann an 1984. Angus MacDonald reviews the Channel 4 documentary Miners' Strike 1984: The Battle for Britain.
Tha dà fhichead bliadhna ga chomharrachadh bhon a bha stailc nam mèinnearan aig àirde ann am Breatainn. Tha prògram aithriseach ri fhaicinn air Sianail 4 an-dràsta, Miners' Strike 1984: The Battle for Britain. Tha Aonghas Dòmhnallach, aig a bheil deagh chuimhne air an àm, air a bhith ga choimhead.
Chaidh pìos tartain a' dol air ais gu eadar 1500 agus 1600 a lorg ann am poll-mhònach an Gleann Afraig bho chionn dà fhichead bliadhna agus, mar a chuala sinn sna naidheachdan an t-seachdain a chaidh, thathas air an tartain a chruthachadh às ùr. B' e dathan dorch-buidhe, dearg agus uaine a bh' anns an tartain ach ciamar a bha 'd a' cruthachadh nan dathan sin bho chionn fhada? Tha an ealanaiche, Flòraidh NicDhòmhnaill, a bhios a' cruthachadh dathan bho nàdar, ann an còmhradh ri Cathy.
Tha còrr air millean neach a’ siubhal bho air feadh an t-saoghail gach bliadhna airson Leabhar a' Cheannanais Mhòir fhaicinn ann am Baile Àtha Cliath, ceithir leabhraichean an t-soisgeil ann an riochd dealbhach, dathach ‘s ann an seann làmh-sgrìobhainn manaich Cholm Cille. Ach tha taisbeanadh ùr a-nise na chois, The Book of Kells Experience, agus ghabh Brian Ó hUiginn cuairt timcheall air. Dè shaoil e dheth?
Thèid Òraid Cuimhneachaidh Iain MhicLeòid a chumail a-nochd ann an Dùn Èideann. Am-bliadhna, 's i Ceitidh NicAonghais a tha a' toirt seachad na h-òraid, fon tiotal One Croft, Many Opportunities / Aon Chroit, Iomadh Cothrom. Tha i ann an còmhradh ri Cathy mu dheidhinn agus mu thachartasan Gàidhlig sa bhaile thairis air an deireadh sheachdain.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 1 Feb 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 1 Feb 202422:25BBC Radio nan Gàidheal