
le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air eachdraidh an iris bhliadhnail, Eilean an Fhraoich. Kenny MacLeod looks back at the history of the Eilean an Fhraoich annual magazine.
An-dè, chuala sinn air a' phrògram mu dhealbh a bh' anns an iris bhliadhnail, Eilean an Fhraoich. An-diugh, tha sinn a' coimhead air an iris fhèin 's an fhèill a bh' air na là. Nochd a' chiad iris, fo stiùir Gasaet Steòrnabhaigh, ann an 1951. Cha robh dachaigh ann a Leòdhas neo sna h-Eileanan an Iar, a bha às aonais. Tha Coinneach MacLeòid, a bhios a' cruinneachadh 's a' reic seann irisean is leabhraichean, a' toirt sùil air eachdraidh na h-iris.
Tha taisbeanadh de dh'àirneis-taighe beag, bìodach, ri fhaicinn aig Lùchairt Windsor an-dràsta - an airneis a bh' ann an taigh-doile leis a' Bhanrigh Màiri 's a chaidh a chruthachadh bho chionn 100 bliadhna. Dè a' chuimhn' a th' agaibhse air taighean-doile agus dè an tlachd a bh' unnta 's a th' unnta fhathast?
Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul air ais uair eile leis an t-sreath anns am bi e a' ruith air seann phàipearean-naidheachd, a' tional sgeulachdan annasach, inntinneach is smaoineachail a thachair air an t-seachdain sa fhèin ann an eachdraidh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 30 Jan 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 30 Jan 202422:25BBC Radio nan Gàidheal