
le Cathy NicDhòmhnaill
Dè na h-òrain Albannach as fheàrr leibh? On Burns Day, guests select their own favourite Scots and Scottish songs.
Dè na h-òrain Albannach as fheàrr leibh? Air Là Burns, tha sinn a' faighneachd do dh'aoighean dè an fheadhainn as fheàrr leotha fhèin agus carson.
Chaidh an Dotair Brenda Page a murt ann an Obar Dheathain, ann an 1978. Chaidh an duine aice a chur an grèim aig an àm, fo chasaid gur e a mhurt i. Cha tàinig sin gu càil aig an àm, ach an-uiridh, an deidh 45 bliadhna agus fianais às ùr, chaidh fhaighinn ciontach. Tha Murder Trial a' sealltainn mar a thàinig sin gu bith le camarathan taobh a-staigh an taigh-chùirt. Tha Tormod MacLeòid, a bha bliadhnaichean mòra na àrd-neach-stiùiridh poileas, air a bhith a' coimhead a' phrògraim agus Coinneach MacMhathain aig a bheil cuimhne air a chùis a' bruidhinn ri Cathy.
Tha Patsi NicChoinnich air ais leis an t-sreath aice mu leabhraichean-latha agus sinn a' comharrachadh gu bheil 80 bliadhna am-bliadhna bho sgrìobh Anne Frank na briathran mu dheireadh san leabhar-latha aice fhèin. Eadar seo agus an uair sin, bidh Patsi, gach mìos, a' dèanamh a taghadh fhèin de leabhar a tha stèidhichte air leabhar-latha. An-diugh tha i a' toirt sùil air Gathering Blossoms Under Fire le Alice Walker.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 25 Jan 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 25 Jan 202422:25BBC Radio nan Gàidheal