
le Cathy NicDhòmhnaill
Nirribhidh a' gabhail ceum gu mèinnearachd ann an doimhneachd a'chuain. Carson? What are the pros and cons of commercial deep-sea mining?
Dh'fhaodadh gun tòisich obair mèinnearachd coimeirsealta anns na h-uisgeachean mu chuairt air Nirribhidh. Ma thèid a cheadachadh, 's e Nirribhidh a' chiad dùthaich 's an t-saoghal anns an tèid fheuchainn. Carson a tha 'd a' feuchainn air, dè tha 'd a' lorg agus ciamar a dh'obraicheas e?
Tha Neen NicAoidh a' toirt sùil air ais air beatha Annie Nightingale, a chaochail air an t-seachdain-sa chaidh. B' i a'chiad preasantair boireann a bha riamh aig Radio 1 - rud a thug buaidh mhòr air saoghal craolaidh bhon àm sin a-mach.
Dè na stuthan bìdh a bhios gam buain an-dràsta? Tha an còcaire Gregor MacLeòid a' toirt stiùir air dè as fheàrr a thilgeil dhan phrais aig an àm seo dhen bhliadhna.
Tha prògram ri chluinntinn air Radio 3 an-dràsta, anns a bheil Rob MacAoidh, a tha na sgrìobhaiche-ciùil, a' siubhal air ais gu eilean beag àraich a sheanar - Eilean nan Ròn far costa Chataibh. Dh'fhalbh na daoine mu dheireadh bhon eilean ann an 1938. Tha 'm prògram ga chraoladh mar phàirt dhen t-sreath Between The Ears air Radio 3. Tha Caristìona Stone, a tha tàmh ann an Cataibh, air a bhith ga èisteachd 's i cuideachd a' toirt sùil air eachdraidh Eilean ann Ròn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 16 Jan 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 16 Jan 202422:25BBC Radio nan Gàidheal