Main content

Bana-ghaisgeach Ghàidhealach: Màiri Challaird
Sgeulachd Màiri Challaird, bana-ghaisgeach Ghàidhealach, na briathran fhèin, mas fhìor. Màiri Challaird, a Highland heroine, tells her own story.
Tha Radio nan Gàadheal a’ toirt sgeulachd bana-ghaisgeach Ghàidhealach beò. B' ise Màiri Challaird, nighean le Donnchadh Camshron, Fear Challaird air cladach a tuath Loch Lìobhainn. A-rèir beul-aithris bha Màiri aimmeil airson a coibhneas agus a bòidhchead, agus bha meas mòr oirre am measg muinntir an àite – ach mar a chluinnear a seo, b' ann oirrese a thàinig an dà latha!
Ged a chaochail Màiri uaireigin san t-seachdamh linn deug, chaidh eachdraidh thiamhaidh a teaghlaich a chumail beò thar nan lìnntean air bilean an t-sluaigh sa sgìre.
A' toirt guth Màiri beò, tha Ellen NicDhòmhnaill.
Last on
Wed 27 Dec 202317:15
BBC Radio nan Gàidheal
Broadcast
- Wed 27 Dec 202317:15BBC Radio nan Gàidheal