
01/01/2024
Beatha sianar bhana-ghaisgeach nam briathran fhèin, mas fhìor. Air a lìbhrigeadh le Jo NicDhòmhnaill. Six Highland heroines tell their own stories. Presented by Jo MacDonald.
Is ann tric a tha sinn a’ faicinn eachdraidh agus dualchas nan Gàidheal tro shùilean nam fear. Ach tha na boireannaich a bha beò anns na linntean a dh’fhalbh a’ toirt dhuinn sealladh eile air saoghal nach eil ann an-diugh.
A seo tha sinn a’ tadhal air diofar àmannan ann an eachdraidh ann an cuideachd sianar bhoireannach.
Cluinnear an dà chuid bho bhoireannaich a bha an sàs ann an cuid de thachartasan mòra ann an eachdraidh na h-Alba agus bho fheadhainn eile nach robh ach a’ feuchainn ri an slighe fhèin a leantainn ann an saoghal anns an robh làmh an uachdair fhathast, gu ìre mhòr, aig na fir.
Tha e air a thoirt thugainn le Jo NicDhòmhnaill.
Last on
Broadcasts
- New Year's Day 202410:30BBC Radio nan Gàidheal
- New Year's Day 202420:30BBC Radio nan Gàidheal