
Taghadh de chèilichean na seachdain 2/2
An dàrna prògram de thaghadh de na cèilichean a bh' air Naoi gu Deich tron bhliadhna. The second programme of selected special guest interviews from Naoi gu Deich this year.
Am measg nan cèilichean a bha air aoigheachd air Naoi gu Deich tron bhliadhna bha Criosaidh Webb, à Bail' Ailein ann a Leòdhas, a tha na tasglannaiche aig a' leabharlann mòr, ainmeil am Bodleian ann an Oxford, 's a bha a' còmhradh ri Cathy NicDhòmhnaill.
Bho chosta Innse Gall gu Lunnainn is Washington agus duaisean mòra, inbheil Comunn Rìoghail Telebhisean Bhreatainn, tha Mìcheil Bochanan air astar mòr a shiubhal bho òige ann am baile beag Àird Mhidhinis ann am Barraigh mar a dh'innis e do Mhaureen NicLeòid.
Dh’innis Anndra MacÌomhair, a bha na Àrd-òraidiche Innleadair-Còmhdhalach aig Oilthigh Napier, do Chathy mar a fhuair e eòlas air Myanmar, dùthaich sa robh e tric a' tadhal tro obair bho 2016, gus na chuir Riaghaltas Bhreatainn casg air daoine siubhal ann a thaobh sàbhailteachd
Agus bha Murchadh Greumach, a bhuineas do Dhùn Chàrlabhaigh ach a tha an-diugh a' fuireach ann a Harrogate, ag innse mar a dh'atharraich a' chùrsa-beatha 's e teannadh dlùth ri leth-cheud bliadhna a dh'aois.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 3 Jan 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Jan 202422:25BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Jan 202412:00BBC Radio nan Gàidheal