
le Cathy NicDhòmhnaill
'S e Coinneach Iain MacIllFhinnein, cèiliche na seachdain. Cathy chats to Wednesday guest, Kenny John MacLennan.
Tha strì a' dol eadar muinntir Venezuela agus Guyana mu sgìre ris an canar Essequibo. Carson? Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' toirt sùil air a' chùis.
Tha an Naomh Nicholas ga chuimhneachadh an-diugh air taobh siar na cruinne, 1680 bliadhna an dèidh a bhàis. Thàinig e gu bhith aithnichte ann am beul-aithris mar Bhodach na Nollaige ach carson agus cò dìreach a bh' ann? Tha Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein a' ruith air sgeulachd fìor mu bhalach beag a rugadh san Tuirc.
'S e Coinneach Iain MacIllFhinnein cèiliche na seachdain. 'S ann à Calanais ann an Leòdhas a tha Coinneach ach thàinig na daoine aige à Ùig. Bha e ag obair fad bhliadhnaichean aig Comhairle nan Eilean Siar na einnseanair agus thug e greiseag an dèidh sin an sàs ann an obair a' chlò mhòir. Tha e na Iar Mhorair-ionaid a' Chrùin, agus ann an 2007, choisinn e urram MBE.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 6 Dec 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Dec 202322:25BBC Radio nan Gàidheal