
le Cathy NicDhòmhnaill
Beachd air taisbeanadh ùr Jolomo, The Glorious Light of the West. Marie MacAulay reviews Jolomo's latest exhibition, The Glorious Light of the West.
Tha sinn a' cluinntinn mu Fhèis Fhilmichean Gàidhlig a tha tachairt sa Ghearmailt. Tha an Dotair Mìcheal Klevenhaus na stiùriche air an fhèis agus tha e ann an còmhradh ri Cathy mu dheidhinn.
Tha na mìltean leabhraichean còcaireachd ùr agus leabhraichean bìdh a' tighinn a-mach gach bliadhna ‘s an iarrtas as motha orra ron Nollaig. Tha an còcaire Alasdair MacLeòid a' toirt sùil tro chuid dhiubh dhuinne. An-diugh, 's e Time and Tide le Emily Scott a th' aige.
Tha taisbeanadh ùr de dhealbhan air am peantadh le John Lowrie Morrison ri fhaicinn ann an Glaschu an-dràsta. Tha Jolomo, mar is fheàrr a dh'aithneachear e, ainmeil air feadh an t-saoghail 's e air a bheò-ghlacadh le eileanan is costa an iar Alba. 'S e The Glorious Light of the West an t-ainm a th' air an taisbeanadh ùr 's chaidh Marie NicAmhlaigh ga fhaicinn.
Tha rabhadh ga thoirt seachad air feadh na dùthcha an t-seachdain sa mu fhuachd is reothadh. Tha sinn a' cluinntinn criomag bho thasglann BBC Radio nan Gàidheal, anns a bheil feadhainn a' cuimhneachadh air abairtean, sean-fhacail agus seanchasan co-cheangailte ri sneachd is reothadh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 28 Nov 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 28 Nov 202322:25BBC Radio nan Gàidheal