
Còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire, èildear ann an Eaglais na h-Alba
Seirbheis còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire, èildear ann an Eaglais na h-Alba an Uibhist a Tuath. Gaelic service with John A MacQuarrie, elder, Church of Scotland, North Uist.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus ‘s e an t-Urr Raghnall Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 86: 15-16 air fonn Evan agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 132: 3-4 air fonn Bangor agus ‘s e an t-Urr Donnchadh MacFhionghain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Leughadh: Mata 2: 1-12
Ceann-teagaisg: Mata 2: 2
Rugadh agus thogadh Seonaidh Ailig MacGuaire ann an Solas, Uibhist a Tuath. Fhuair e foghlam ann an Sgoil Dhùn Sgealair agus Sgoil Phaibeil ann an Uibhist agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a thòisich e air cosnadh, bha e ag obair aig Alginate Industries far an robh e an sàs ann an obair feamainn aig an àm sin. Chuir e seachad seachd bliadhna fichead ag obair eadar Roinn Taigheadas Chomhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall. Leig e dheth a dhreuchd aig HHP bho chionn còig bliadhna agus goirid an dèidh sin, phòs e agus ghluais e a dh' Inbhir Nis. 'S ann air croit a rugadh 's a thogadh e agus bidh e 'n Uibhist gu math tric ri obair fearainn còmhla ri bhràthair. Thàinig atharrachadh na bheatha bho chionn còrr air deich bliadhna fichead agus thòisich e air beagan searmonachaidh a' dhèanamh corr air fichead bliadhna air ais. Tha Seonaidh Ailig na èildear ann an Eaglais Chille-Mhoire ann an Uibhist a Tuath.
Last on
Broadcasts
- Sun 26 Nov 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Nov 202315:00BBC Radio nan Gàidheal