
le Cathy NicDhòmhnaill
Cuimhneachain bho fheadhainn a rugadh air an aon bhliadhna ris a' Rìgh Teàrlach a tha 75 an-diugh. As King Charles marks his 75th birthday, Cathy chats to others born in 1948.
Tha Cathy ann an còmhradh ri Iain MacFhionghain mun eagal ro bholcàno Fagradalsfjall ann an Innis Tìle. Tha Iain a' tàmh san dùthaich 's ag innse mu cò ris a tha cùisean coltach an-dràsta agus thairis air na làithean a chaidh seachad.
Tha 75 bliadhna an-diugh fhèin bho rugadh am Prionnsa Teàrlach. Tha Cathy a' bruidhinn ri feadhainn eile a rugadh ann an 1948 mun òige fhèin agus mu bhith a' fàs suas ann am Breatann sna 50an. Nam measg, tha te a rugadh dhà neo trì sheachdainnean às dèidh a' Phrionnsa, 's a màthair tàmailteach nach d' fhuair iad tiodhlac rìoghail a bha ga thoirt dhan h-uile leanabh ùr san t-Samhainn 1948!
Agus cluinnidh sinn mar a tha luchd-spòrs proifeiseanta a' cleachdadh deigh agus uisge fuar airson faochadh fhaighinn bho chràdh. Ach a bheil a h-uile duine ag aontachadh gu bheil e dha-riribh a' deànamh feum.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 14 Nov 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 14 Nov 202322:25BBC Radio nan Gàidheal