
Taghadh na seachdain le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Chan eil seachd seachdainean slàn ann gu Là na Nollaige - ùine fhathast cèic a dheasachadh! - ach dè na reasabaidhean as fheàrr? Fhuair sinn comhairle bho fheadhainn a tha dèidheil air bèicearachd airson an latha sònraichte.
A bharrachd air innse dhuinn mun reasabaidh a bhios aige fhèin airson cèic na Nollaige, fhuair sinn beachd Ailein Chaimbeil air an taisbeanadh Skye aig John Nicholson de dheilbh a pheant e de na sgìrean den Eilean Sgitheanach dham buineadh a shinnsearan. Tha an taisbeanadh ri fhaicinn aig Acadamaidh Cruthachail Inbhir Nis.
B i Màiri Ward cèiliche na seachdain. Buinidh Màiri do bhaile Bhrù ann a Leòdhas ach tha i an-diugh a' fuireach ann a Cill Mheàrnaig. Chuir i cuibhreann de beatha seachad ann an Afraga a Deas 's tha sinn a' cluinntinn mu cò ris a bha sin coltach aig àm nuair a bha apartheid gu math nochdte.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 12 Nov 202312:00BBC Radio nan Gàidheal