Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Pòl Moireach, Eaglais Shaor Cheann Loch

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Urr Pòl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann Loch. Gaelic service with Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 19: 9-10 air fonn Stornoway agus 's e Ailig MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille-Mhoire san Eilean Sgiathanach.
Salm 104: 34-35 air fonn London New agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.

Leughadh: Salm 34

S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.

Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.

Chaidh Mgr Moireach a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Cheann Loch ann an 2017.

Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas don Òb sna Hearadh agus tha ceathrar a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, is caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 22 Oct 202309:00
  • Sun 22 Oct 202315:00