
Còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh
Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach. Gaelic service conducted by Rev Suzie Roberts, minister with the Baptist Church.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
A Thighearna Dhia le Deirdre Ghreumach
An còmhlan Sian a’ seinn Salm 61
Norrie MacÌomhair agus Sìneag Nic an t-Saoir a’ seinn Mu Choinneamh Cathair Dhè
An còmhlan Na Brogues a’ seinn Gabh mo bheatha ‘s bitheadh I
A' bhuidheann Celtic Worship a’ seinn Am Beannachadh Ceilteach
Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach sna 90an nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gàidhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh corr air dà fhichead bliadhna, agus tha i ag ràdh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. Tha i fhèin san duine aice Mìcheal cuide ri màthair Siùsaidh air gluasad a dh'Alba.
Last on
Broadcasts
- Sun 8 Oct 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Oct 202315:00BBC Radio nan Gàidheal