
Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart
Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig agus Bheàrnaraigh. Gaelic service with Rev Hugh Stewart, Church of Scotland Minster for Uig and Bernera.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 93: 3-3 air fonn Torwood agus 's e Seonaidh MacFhilip a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Beàrnaraigh na Hearadh.
Salm 40: 5 air fonn St David agus 's e an t-Urr Dòmhnall M MacCoinnich a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Eòin ann an Dùn Èideann.
Salm 133: 1-3 air fonn Stornoway agus 's e Iain Murchadh Màrtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh
Leughadh: Salm 92
Ceann-teagaisg: Salm 92
Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige.
Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheàrnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus àite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.
B' ann sa choitheanal seo a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh àite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh sheirbheisean comanachaidh aig an àm sin.
Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca, Teàrlach.
Last on
Broadcasts
- Sun 1 Oct 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Oct 202315:00BBC Radio nan Gàidheal