
Caidheagadh Linne Shlèite
'S i Janni NicUilleim a tha an-diugh gar toirt air cuairt mara ann an Linne Shlèite. Janni Williams is our guide today on a seaward trip in the Sound of Sleat.
Tro sheachdainean an t-samhraidh, tha cothrom air a bhith aig Coinneach Mac a' Ghobhainn a dhol a-mach air diofar chuairtean ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte dhen dùthaich.
'S ann aig muir a tha Coinneach anns a' phrògram sa - ann an caidheag-mara, cuide ri Janni NicUilleim. Buinidh Janni dhan Ghearmailt bho thùs, ach 's ann garbh eucoltach ri Cologne, baile h-àraich, a tha Slèite. Còmhla ris an duine aice, tha companaidh aca a bhios a' toirt dhaoine a-mach air chuairtean, ach tha i cuideachd air a bhith an-sàs gu mòr ann an Sabhal Mòr Òstaig bho thàinig i a dh'Alba.
Tha i gar toirt air turas caidheag sìos seachad air bailtean is cladaichean an eilein, agus a' beachdachadh air mar a thàinig i gu bhith a' fuireach sa sgìre, mar a thog i a' Ghàidhlig agus ùidh san dualchas, agus cuideachd mar a tha i a' dèanamh a beòshlàint le turasan dhen leithid air a' Ghàidhealtachd. Agus tha Coinneach ag ionnsachadh gu dè cho duilich 's a tha e tilleadh gu caidheag às dèidh còrr air fichead bliadhna!
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 11 Sep 202315:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 13 Sep 202320:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Sep 202310:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 27 Dec 202315:30BBC Radio nan Gàidheal