
le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air colbhan-beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh sheachdain. Guests review some of the weekend's newspaper columns.
'S iad Ciorstaidh NicLeòid agus Iain MacDiarmid a tha a' toirt sùil air colbhan-beachd bho phàipearan na deireadh sheachdain.
Nochd leabhar à sgìre Ùige, Leòdhais bho chionn ghoirid - The Way It Was: Conversations With Iain Tobaidh. A Lifetime Of Stories From Uig, Isle of Lewis and Beyond. Rugadh Iain 'Tobaidh' Dòmhnallach ann am Breanais ann an 1925. Bha chuimhne gheur aige agus grèim air a h-uile càil a thug buaidh air a sgìre tro na bliadhnaichean bhon Dàrna Cogadh, croiteareachd, sealg na muice-mara ann a South Georgia, fighe, sloinntearachd, càirdeas agus daoine. Tha mic Iain air na sgeulachdan aige a tharraing ri chèile 's tha Ùigeach eile, Iain MacIllEathain, ag innse do Chathy mu dheidhinn.
Cluinnidh sinn bho Rona Wilkie mun phàipeir ùr a sgrìobh i airson iris sgoilearach a tha a’ toirt sùil às ùr air traidisean òrain luaidh ann an Gàidhlig agus mar a bha boireannnaich gan cleachdadh.
Last on
Broadcasts
- Mon 4 Sep 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 4 Sep 202322:25BBC Radio nan Gàidheal