
le Maureen NicLeòid
Sùil air colbhan-beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh sheachdain. Guests review some of the weekend's newspaper columns.
'S iad Murray MacLeòid agus Iain Moireasdan a tha a' toirt sùil air colbhan-beachd bho phàipearan na deireadh sheachdain.
Bha Angela NicEachainn aig Fèis Eadar-nàiseanta Leabhraichean Dhùn Èideann far an robh Flòraidh Fhriseil a' bruidhinn air an an leabhar, Pretty Young Rebel, a sgrìobh i air eachdraidh-beatha Flòraidh NicDhòmhnaill.
A' comharrachadh dà cheud bliadhna gu leth bho ghabh an dithis sgrìobhadair ainmeil an Dotair Samuel Johnson agus Seumas Boswell turas tron Ghaidhealtachd ‘s na h-eileanan. Ghabh am fear-naidheachd againne Ruairidh MacÌomhair cothrom pàirt den t-slighe a ghabh iadsan a ghabhail e fhèin ' s e a' dèanamh a rathad à Inbhir Narann chun Eilean Sgitheanach.
Last on
Broadcasts
- Mon 28 Aug 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 28 Aug 202322:25BBC Radio nan Gàidheal