
le Cathy NicDhòmhnaill
Tha John Neil Dòmhnallach a' toirt beachd air dà chuirm bho Fèis Dhùn Èideann. John Neil MacDonald reviews two theatre shows from the Edinburgh Festival.
Tha tachartasan coimhearsnachd a dol tro na h-Eileanan an Iar, eadar seo is 2026, fo bhratach Tillidh Mi Dhachaigh. Thathas a' comharrachadh eilthireachd 's dè bha sin a' ciallachadh do dhaoine tro na bliadhnaichean. An-diugh, tha Cathy a' gabhail cuairt còmhla ri Tormod MacLeòid, gu bail' àraich ann am Beàrnaraigh Leòdhais, a dh'fhàg e bho chionn leth-cheud bliadhna.
Tha 75 bliadhna air an t-samhradh seo bho chaochail Unity Mitford anns an Òban. Bha i ainmeil na là mar charaid do Adolf Hitler. B' ann leis an teaghlach aice a bha eilean beag Innis Choinnich, far costa Mhuile aig an àm. Tha Pàdraig MacAmhlaigh ann an còmhradh ri Cathy 'se ag innse mar a thachair agus mu eachdraidh inntinneach Innis Choinnich.
Tha John Neil Dòmhnallach air a bhith aig dà dhealbh-chluich aig Fèis Dhùn Èideann. Chunnaic e Whisky Galore agus 4 Real Asians, 4 White Men, 4 Fake Asians. Tha sinn a' cluinntinn dè shaoil e dhiubh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 10 Aug 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 10 Aug 202322:25BBC Radio nan Gàidheal