
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
£1 millean airson cluicheadear ball-coise do sgioba ionadail - cò a thaghadh sibh agus carson?! If you could buy a £1 million player for your local football team, who would it be?!
Tha 75 bliadhna dhen t-seirbheis slàinte nàiseanta ga chomharrachadh ann am Breatann. Ach dè mar a tha seirbheisean slàinte gan ruith ann an dùthchannan eile? An-diugh, tha sinn a' toirt sùil air na Stàitean Aonaichte, Canada agus eileanan a' Charaib.
Bhàsaich Trevor Francis a' bhòn-dè. B' esan a' chiad cluicheadear ball-coise ann am Breatann, air an deach £1 millean a chosg, nuair a ghluais e bho Birmingham City gu Nottingham Forest. Nam biodh £1 millean agaibh airson a chosg air cluicheadear ball-coise dhan sgioba ionadail agaibh pèin, cò a thaghadh sibh agus carson?!
An Caimbeulach a’ Cruinneachadh – sin an t-ainm a th’ air prìomh thaisbeanadh Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air an t-samhradh seo. ‘S e cruinneachadh ainmeil Iain Òg Ìle a th’ anns an taisbeanadh, 's tha sinn a' cluinntinn an tuilleadh mu dheidhinn.
Agus tha sinn a' cluinntinn cuideachd mu na chaidh fhaighinn aig làrach iongantach bho Linn Ùr na Cloiche ann an Càrlabhagh a Leòdhas.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 27 Jul 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 27 Jul 202322:25BBC Radio nan Gàidheal