
Le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Innsidh Torcuil MacLeòid mar a tha e fhèin am measg bàrd baile eile a tha gu bhith ag aithris bàrdachd an Taigh Chèilidh Steòrnabhaigh a-màireach.
Cluinnidh sinn mu bhiadh a tha gu mòr san fhasan air na meadhanan-sòisealta an-dràsta. Mìnichidh Alasdair Macleòid mar a tha an gruth, cottage cheese, air a shanasachd mar bhiadh fallain 's e a-nise air a chleachdadh an luib iomadach reasabaidh.
Thathas air a bhith a’ comharrachadh gu bheil 155 bliadhna bho rugadh a' chiad àl de chuileanan Golden Retriever aig Guisachan House ann an Gleann Afraig. Chan eil bliadhna a’ dol seachad nach eil an gnè coin seo sa phrìomh dheich agus mar is trice sa phrìomh àite am measg nan coin is fhèarr le daoine bho air feadh an t-saoghail. An-diugh tha Angela NicFhionghuin a' bruidhinn ri dà theaghlach air taobh siar Leodhais aig nach biodh gnè coin ach iad fhèin.
Tha coltach gur e taighean bungalo as motha a tha a reic an-dràsta agus iarrtas mòr orra le daoine a' lorg thaighean nas lugha agus feadhainn a tha nas fhasa agus nas saoire am blàthachadh. Bruidhnidh sinn ri triùir a tha dèidheil air na taighean sa.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 20 Jul 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 20 Jul 202322:25BBC Radio nan Gàidheal