
15/07/2023
Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Derek Pluto Moireach. Local, national and international sport presented by Derek Pluto Murray.
Derek Moireach sa chathair airson dà uair a thìde làn de spòrs còmhla ri sgioba spòrs ann an Guernsey. Cluinnear na sgeulachdan air fad bho seachdain nan geamannan agus mar a chaidh le sgioba nan Eilean Siar. Cuideachd cluinnear mu na spòrsan eile a tha a' tachairt thairis air an deireadh seachdain; Wimbledon, ball-coise ionadail, cuairt dheireannach Cupa Acres Boys Club, farpais Cupa Rois ann an Lìog Taobh an Iar na Gàidhealtachd agus geamannan càirdeil nam ban. Tha an Tour de France a' tighinn gu crìch agus bidh geamannan iomain fon phrosbaig, nam measg farpais iomain Heb Celt far am bi sgioba Camanachd Leòdhais a' cluich an aghaidh sgioba Camanachd Uibhist aig Ceann a' Bhàigh ann an Steòrnabhagh.
