
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Tha Cathy ann an còmhradh ri Dolina Moriarty a tha a' tàmh ann an Guernsey. Cathy chats to Dolina Moriarty about life on Guernsey.
Tha Geamannan nan Eilean a' gabhail àite ann an Guernsey an-dràsta. Ach cò ris a tha e coltach a bhith fuireach air an eilean? Tha faisg air leth-cheud bliadhna bho rinn Dolina Moriarty à Taobh a Tuath Bhaghasdail a dachaigh ann agus tha i ann an còmhradh ri Cathy.
Tha seusan na fèilltean oirnn – gach samhradh tha fèilltean àiteachais is coimhearsnachd agus geamannan Gàidhealach a' tarraing sluagh mòr a-steach gu sgìrean air feadh na dùthcha. Ach a bheil sinn a' toirt smuain don obair a tha an luib a leithid a chur ri chèile - bho bheathaichean mart gu farpaisean chloinne, biadh, cur-seachadan, teantaichean tì is leann, pìobairean, dannsairean is a h-uile nì a tha a' cruthachadh aon là sònraichte a tha cho tlachdmhòr dhan h-uile duine sean is òg a tha an làthair? Tha Cathy air a' còmhradh riuthasan a tha an sàs am-bliadhna.
Tha Màiri Ross, aig a bheil eòlas air càraichean a' toirt comhairle seachad air dòighean airgead a shàbhaladh air peatrail is connadh.
Tha taisbeanadh ùr ann an Dùn Èideann a’ dèanamh moladh air rud a bhios, ‘s cinnteach, ann am preas-aodaich a h-uile boireanneach! 'S e sin froca beag dubh a bheir a dh’àite sam bith thu ‘s nach deach a-riamh a-mach à fasan. Tha Beyond the Little Black Dress ri fhaicinn aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba eadar seo agus deireadh na Dàmhair. Chaidh Catriona Mhoireach ga fhaicinn 's tha i ag innse beagan mu dheidhinn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 11 Jul 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 11 Jul 202322:25BBC Radio nan Gàidheal