
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Tha sinn a' toirt sùil air eachdraidh Thunail Chluaidh agus trì fichead bliadhna ann bho chaidh fhosgladh. Cathy and guests mark the 60th anniversary of the Clyde Tunnel.
Mar a chuala sinn tron t-seachdain, tha muinntir Arcaibh a' toirt beachd air am biodh iad na b' fheàrr dheth Breatainn fhàgail agus dòighean eile riaghlachais a lorg. Tha an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' toirt sùil air na ceanglaichean làidir eachdraidheil eadar eileanan na h-Alba agus na dùthchannan Lochlannach.
Tha trì fichead bliadhna ga chomharrachadh bho chaidh Tunail Chluaidh fhosgladh. Tha sinn a' cluinntinn chriomagan bho thasglann BBC Radio nan Gàidheal, co-cheangailte ris an tunail agus na h-aiseagan a b' àbhaist a bhith air Chluaidh. Tha Cathy cuideachd a' bruidhinn ri Aonghas MacGuaire aig a bheil cuimhne air an tunail ga thogail agus ri Aonghas MacIllìosa a tha na einnseanair le eòlas air drochaidean.
Tha taigh-òsta Àird a' Bhàsair, aon de na taighean-òsta as sine san Eilean Sgiathanach, ga reic. Tha sinn a' coimhead air ais air eachdraidh an àite agus a' cluinntinn beagan bho fhear a chur seachad mòran de dh' òige ann.
Tha World Chocolate Day ann a-màireach. Tha an còcaire, Ùisdean MacLeòid a' toirt thugainn blas air na rudan as fheàrr leis fhèin a bhith dèanamh le seoclaid.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 6 Jul 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 6 Jul 202322:25BBC Radio nan Gàidheal