
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air colbhan-beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh sheachdain. A review of the weekend columns.
'S iad Murray Macleòid agus Pàdraig MacAmhlaigh a tha a' toirt sùil air colbhan bho phàipearan na deireadh sheachdain.
Nì Màiri NicAmhlaigh lèirmheas air Dear Billy: A love letter to the Big Yin from the people of Scotland a bha ri fhaicinn sa Khing's Theatre ann an Glaschu air an deireadh sheachdain.
Tha taisbeanadh ùr air a bheil Ealain is Cuimhne, cruinneachadh de dheibh a chruthaich sianar luchd-ealain agus clann-sgoile à Bun Sgoil Uige ann an Leòdhas co-cheangailte ri tachartasan ann an eachdraidh a thug buaidh air an sgìre, leithid call na h-Iolaire agus eilthireachd air a' Mhetagama, air fosgladh. Tha e ri fhaicinn ann an seann eaglais Bhaile na Cille ann an Uig. Chaidh Mairianna NicChoinnich a thoirt sùil timcheall cuide ri Calum MacIlleathain a chuir an taisbeanadh ri chèile.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 26 Jun 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 26 Jun 202322:25BBC Radio nan Gàidheal