
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Dè an aimsir as miosa riamh sam faca sibh geama ball-coise ga chluich?! Following this week's drenched pitch at Hampden, footballers and fans recall terrible conditions!
Tha Cathy ann an còmhradh ris a' Chaiptean Alasdair Mac a' Ghobhainn aig a bheil eòlas air rannsachadh doimhneachd na mara 's air na h-uisgeachean far an deach am bàta-aigeil beag, Titan, a dhìth far costa Chanada.
Dè an aimsir as miosa riamh anns am faca sibh geama ball-coise ga chluich?! An dèidh na thachair aig Hampden oidhche Mhàirt, tha sinn a' cluinntinn bho fheadhainn a bha 's a tha a' cluiche ball-coise agus bho fheadhainn a bhios ga leantainn.
Tha falasgairean samhraidh brùideil air milleadh mòr a dhèanamh ann an Canada. Thuige seo, tha sgìre meud na h-Òlaind air a dhol na smàl agus na teintean ag èirigh agus a' sgaoileadh ann an sgìrean nach b' àbhaist a bhith faicinn an leithid, mar Alba Nuadh. Thadhal Prìomhaire Chanada, Justin Trudeau, air Alba Nuadh an t-seachdain seo airson taing a thoirt do luchd nan seirbheisean èiginn. Tha Cathy ann an còmhradh ri Murchadh MacAoidh ann an Alba Nuadh agus ri Dàibhidh Rankin ann an Toronto.
Tha Gailearaidh Portraid Bhreatainn ann an Lunnainn ga ùr fhosgladh an-diugh fhèin, an dèidh a bhith dùinte fad trì bliadhna airson a leasachadh. Cò agus dè bhios ri fhaicinn ann? Bha Rhoda NicDhòmhnaill an làthair nuair a chaidh fhosgladh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 22 Jun 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 22 Jun 202322:25BBC Radio nan Gàidheal