
Moreen, Katie 's Alison sna h-Eileanan an Iar
Gàidheil òga air na buannachdan, dùbhlain is cothroman a tha romhpa air Ghàidhealtachd. Young Gaels tell of the advantages, challenges and opportunities they have in the Highlands.
San t-sreath ùr seo, tha Megan NicGill-Fhaolain a' còmhradh ri daoine òga air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a cho-dhùin an sgìre fhàgail aig aon àm ach a tha air tilleadh, is iad a’ bruidhinn gu h-onarach mu cò ris a tha e coltach a bhith a’ dèanamh beò-shlàinte dhaibh fhèin. Cluinnear mu na buannachdan is na cothroman a tha mun coinneimh agus cuideachd, bho eòlaichean len smuaintean air na dùbhlain.
Dè thug orra falbh sa chiad dol a-mach agus a bheil iad toilichte gun do thill iad? Agus a bheil freagairtean aig eòlaichean do chuid de na dùbhlain? Tha Megan, a rinn an aon chò-dhùnadh riutha, air a bhith a’ faighinn a-mach.
A seo, tha Megan anns na h-Eileanan an Iar is a' bruidhinn ri Moreen NicRath anns na Hearadh agus Katie NicAonghais is Alison Campbell Clark ann an Leòdhas.
Last on
Broadcasts
- Mon 5 Jun 202315:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Jun 202320:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Jun 202310:00BBC Radio nan Gàidheal