
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
A' comharrachadh 90 bliadhna bhon a thòisich Seirbheis Eiridinn Adhair na h-Alba. Marking 90 years of the Scottish Air Ambulance Service.
Tha 90 bliadhna bhon a thòisich Seirbheis Eiridinn Adhair na h-Alba. B' e fear à Ìle a' chiad duine a chaidh a thogail dhan ospadal agus cluinnidh sinn bho fheadhainn aig a bheil ceangal teaghlaich ris. Tha an Dotair Iain Mac a' Ghobhainn a' cuimhneachadh air a' chiad turas a chaidh am plèana a chleachdadh anns na h-Eileanan an Iar agus mu cho èiseil 's a bha an t-seirbheis dha fhèin gu pearsanta bho chionn beagan bhliadhnaichean. Agus tha sinn a' cluinntinn cuideachd bho theaghlach a bha gu math taingeil airson an t-seirbheis aig toiseach na bliadhna seo fhèin.
Thairis air a' chola-deug a chaidh seachad, thug sinn sùil air dòighean-beatha susbainteach. An-diugh, tha sinn a toirt an t-sreath gu ceann le sùil mhionaideach air a' bhuaidh a th’ aig ar biadh air ar slàinte.
Tha nobhail ùr air nochdadh bhon sgrìobhaiche 's an craoladair Sally Magnusson. Tha Music In The Dark a' ruith air sgeulachd Jamesina Ross, air a fuadach às a' Ghàidhealtachd gu ruige Glaschu. Tha e gu ìre stèidhichte air beatha sinn-seanmhair Sally fhèin, a chaidh fhuadach às a dachaigh air eilean Mhuile ann an 1863. Tha Anna NicLeòid air an leabhar a leughadh 's i ann an còmhradh ri Cathy mu dheidhinn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 16 May 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 16 May 202322:25BBC Radio nan Gàidheal