
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha an Rìgh Teàrlach air ath-chuairteachadh a dhèanamh air seann chathair air am bi e a' suidhe às dèidh sèirbheis a' chrùnaidh - cathair a chleachd An Rìgh Seòras VI nuair a chaidh e fhèin a chrùnadh ann an 1937 - agus tha a’ Bhanrigh Chèile Camilla a' dol a chleachdadh na cathrach a bh' aig Banrigh Chèile an Rìgh Seòras. Cluinnidh sinne bho thriùir mu shèithear sònraichte san dachaigh aca fhèin, cò leis a bha e agus a bheil e fhathast air a chur gu feum.
Mìnichidh an t-Ollamh Will Lamb mar a tha eòlaichean cànain agus AI a' dol a chruthachadh prògram àrd-amasach a th' air a dhealbh airson gum bi Gàidhlig na h-Alba soirbheachail sa linn dhidseatach.
Tha an fhèis leabhraichean mu dheireadh gu bhith air a chumail ann an Ulapul air an deireadh sheachdain, fèis a th' air a bhith a' riuth bho 2005. Innsidh Marc Wringe, Dòmhnall S Moireach agus Màrtainn Mac a' Bhàilidh dè a bha cho tarraingeach mu fhèis Ulapuil.
Leis gu bheil an Rìgh Teàrlach dha chrùnadh Disathairne tha sinn gach là an t-seachdain s' a' toirt thugaibh sgeulachdan beaga co-cheangailte ris an ainm Teàrlach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 4 May 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 4 May 202322:25BBC Radio nan Gàidheal