
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha NATO - an caidreachas armaichte a tha a' cur dìon air dùthchannan a tha nam buill ann an Ameireaga a' Tuath agus a' Roinn Eòrpa - air fàs. Thàinig an Fhionnlan a-steach dhan bhuidheann air a' mhìos sa, agus tha làn dhùil ann gun tig an t-Suain a-steach cuideachd. Ach ciamar a tha daoine anns a' Roinn Eòrpa a' faireachdainn mun a' sgaoileadh a-mach a tha seo? Tha Cathy a' bruidhinn ri Liam Redmond anns an t-Suain, agus Ryan Dziadowiec a bhuineas don Phòlainn, feuch dè am beachdan fhèin.
Cò am bodach uaine a th' air eaglaisean is ballachan cloiche air feadh Shasainn - agus a th' air litir cuiridh gu crùnadh Theàrlaich, rìgh Bhreatainn? Le casaidean de phàganachd ron t-seann shuaicheantas seo, tha Teàrlach Quinnell a' mìneachadh dè dha-rìribh a th' anns an ìomhaigh sa.
Tha taic ga chuir ri seachd àitichean am Breatann a tha a' sireadh inbhe Làrach Dualchas na Cruinne. Tha sinn a' faighinn dealbh air cuid dhiubh agus a' cluinntinn mun diofar a dhèanadh an inbhe seo dhaibh, nam b' e 's gun deigheadh a bhuileachadh orra.
Bha mil ga chleachdadh uaireigin mar dhòigh air lotan a shlànachadh. Tha rannsachadh às ùr ga dhèanamh air a bhuannachd medigeach a dh'fhaodadh a bhith an cois mil. Tha Calina NicDhòmhnaill ag innse mu na diofar dhòighean anns a faodar buannachd fhaighinn à mil.
Last on
More episodes
Broadcast
- Sun 16 Apr 202312:05BBC Radio nan Gàidheal