
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha an dòigh sa bheil sgoiltean gan sgrùdadh air a bhith sna naidheachdean tric bho chionn ghoirid. An t-seachdain sa bha Cathy NicDhòmhnaill a' bruidhinn ri triùir a b' àbhaist a bhith nan ceannardan-sgoile mu na bhios a' tachairt sna sgoiltean nuair a tha sgrùdadh air fàire. Ciamar a bhios a' luchd-teagasg ag ullachadh agus a' dèiligeadh ris an uallach? Còmhla ri Cathy airson sin a fhreagairt bha Calum MacAoidh, Dòmhnall Dòmhnallach, agus Màiri NicAonghais.
Bho chionn leth-cheud bliadhna, ann an 1973, chaidh fòn-làimh a chleachdadh airson a' chiad uair. Ach cò an fheadhainn a bha gan cleachdadh? Agus cò iad a chruthaich an teicneòlas ùr? Bha Calum Iain Bartlett ag innse sgeulachd nam fònaichean-làimhe.
Tha leth-cheud bliadhna ga chomharrachadh bho nochd an dealbh-chluich ainmeil, The Cheviot, The Stag and the Black, Black Oil, air a sgrìobhadh le John McGrath. Dè a dh'fhàg an dealbh-chluich seo cho ainmeil agus soirbheachail chun là an-diugh? Fhuair Cathy beachd Dolina NicIllinnein a bha na luib bho thùs.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 9 Apr 202312:00BBC Radio nan Gàidheal