
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Bha rabhadh ann aig toiseach na mìos gu robh Morton Rolls, companaidh bèiceireachd a bha gu math ainmeil ann am Baile Ghlaschu agus na sgìrean mun cuairt airson na rolaichean aca, a' dol a dhùnadh ach chaidh an ceannach às ùr air an deireadh-sheachdain. Gu dearbha canaidh cuid gur iad a rinn an rolla-bracaist fasanta. Gheibh sinn beachd bho thriùir dè na biadhan a chuireadh iad fhèin air rolla bracaist.
A' comharrachadh Là Bàrdachd na Cruinne cluinnidh sinn bhon bhàrd Niall O'Gallagher mun leabhar ùr aige Sounds of Love - Fuaimean Gràidh. 'S e cruinneachadh a tha seo de bhàrdachd Ghàidhlig le eadar-theangachadh beurla agus cuideachd sonaidean a sgrìobh Niall nuiar a bha e na bhàrd airson Baile Ghlaschu.
Tha an t-eòlaiche ionmhais, Dòmhnall Màrtainn air a bhith a' rannsachadh na dh'fhoillsich an Seansalair sa bhuidseat an t-seachdain sa chaidh. Cuideachd bheir e dhuinn comhairle a thaobh a bhith a' cùmhnadh sa sàbhaladh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 21 Mar 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 21 Mar 202322:25BBC Radio nan Gàidheal