
le Maureen NicLeòid
Tha sinn a' cluinntinn à California mun t-sneachda mòr a th' aca an sin an-dràsta. Maureen chats to Donnie MacDonald in California about their current, and rare, winter freeze.
Chaochail Betty Boothroyd air an deireadh sheachdain. B' i a' chiad bhoireannach a bha na Labhraiche air Taigh nan Cumantan. Tha Anna NicLeòid a' coimhead air ais air a beatha.
Tha sneachd air a bhith ann an California airson a' chiad uair ann am bliadhnaichean mòra. Tha sinn a' cluinntinn bho Donaidh Dòmhnallach a tha tàmh ann a sin mu cò ris a tha cùisean coltach dhaibh.
"Itheadh iad snèap," thuirt Rùnaire Roinn na h-Àrainneachd, a' Bhìdh agus nan Cùisean Dùthchail air an t-seachdain a chaidh agus i a' bruidhinn mun ghainnead lusan a th' anns na bùithean an-dràsta. Mhol i gum biodh sinn a' dèanamh barrachd feum de lusan a bha fàs san rìoghachd seo fhèin, mar an t-snèap. Tha Maureen ann an còmhradh ri còcairean mu na dòighean as fheàrr snèap ullachadh agus dè an dòigh as fheàrr air a ghearradh gun leum air bho gu h-àird le sgian arain!
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 28 Feb 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 28 Feb 202322:25BBC Radio nan Gàidheal