
le Maureen NicLeòid
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha Buill Phàrlamaid ann a Westminster air taic a thoirt do bhile a tha a' moladh nach fhaod an luchd-obrach air fad ann an cuid de sheirbheisean poblach a dhol air stailc, ach gu feum gu leòr de luchd-obrach a bhith ag obair airson na seirbheisean a chumail a' dol. Theid tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air a' bhile ann an Taigh nam Morairean mus bi e laghail. Mìnichidh Tòmas MacAilpein, a tha na bhall den aonadh an UCU, na tha na h-atharraichean a' ciallachadh dha na h-aonaidhean-ciùird agus nì am fear-naidheachd, Aonghas Dòmhnallach, comas eadar mar a bha cùisean sna 70an 's na 80an agus mar a tha cùisean an-diugh le strì eadar an riaghaltas agus luchd-obrach airson àrdachadh pàighidh.
Cluinnidh sinn bho Pheigi Nic a' Phiocair agus bho Mhàrtainn Mac an t-Saoir mar a tha Leabharlann Bàrdachd na h-Alba gu bhith a' còmharrachadh Seachdain na Gàidhlig.
Innsidh Dòmhnall Dòmhnallach na tha cho sònraichte mun reul-chearbach no comaid uaine a tha a' dol a nochdadh sna speuran an-ath-oidhch' agus cuideachd cuin a nochd a leithid roimhe.
Dè cho ciallach 's a tha e a bhith a' gluasad airgid bho aon chunntas banca gu cunntas banca eile? Gheibh sinn stiùireadh bhon eòlaiche-ionmhais Dòmhnall Màrtainn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 1 Feb 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 1 Feb 202322:25BBC Radio nan Gàidheal