
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek a' toirt dhuinn eachdraidh-beatha Siamarlan Thiorodh, Calum MacLabhrainn, fear a bha an urra ri na seann chleachdaidhean àiteachais agus dòighean croitearachd ann an Tiorodh atharrachadh sa naoidheamh linn deug. A rèir beul-athris bha fìor dhroch chliù aig MacLabhrainn ann an Tiorodh ach a rèir rannsachaidh a rinn Dòmhnall Meek bha taobh eile air an duine.
Thòisich a' Bhliadhn’ Ùr Sìneach, aig toiseach na seachdain – Bliadhna a' Choineanaich neo na Rabaid. Innsidh an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, àrd-òraidiche ann an cultar dùthchasach is eachdraidh na Gàidhealtachd, mun àite a bh' aig an rabaid ann am beul-aithris Ceilteach 's Gàidhealach.
A' comharrachadh ceud bliadhna bho dh'fhosgail Talla Caird ann an Dùn Dè, tha Iain Moireasdan a' toirt dhuinn eachdraidh an talla .
Agus 's e an Caiptean Alasdair Mac a' Ghobhainn, cèiliche na seachdain. Leòdhasach a tha air a bhith na sgiobair air bàtaichean ann an iomadh ceàrnaidh den t-saoghal agus a bha an luib rannsachadh a bha a' sgrùdadh grunnd na mara anns na cuantan far a bheil an doimhneachd as motha.
Last on
Broadcast
- Sun 29 Jan 202312:00BBC Radio nan Gàidheal