
le Cathy NicDhòmhnaill
A' comharrachadh dà cheud gu leth bliadhna bho sgrìobh John Newton an laoidh ainmeil Amazing Grace. Celebrating 250 years since John Newton wrote the well-known hymn Amazing Grace
Tha dà cheud gu leth bliadhna gu leth air a' mhìos seo bho sgrìobh John Newton an laoidh Amazing Grace. Tha an t-Urr Dòmhnall Mìcheil MacAonghais a' toirt dhuinn eachdraidh-beatha John Newton agus a' mìneachadh dè a tha cho tarraingeach mu na briathran agus am fonn, ag adhbharachdh gu bheil e air a sheinn aig cuirmean air feadh an t-saoghail.
Tha Am Prionnsa Harry air a bhith a' toirt slaic air pàipearean-naidheachd Bhreatainn, gu h-àraid na tabloids, gan càineadh airson a bhith a' sgrìobhadh sgeulachdan nach eil fìor agus a' piobrachadh bheachdan an luchd-leughaidh. A bheil pàipearan-naidheachd Bhreatainn air an cliù a chall? Tha sinn a' faighinn beachd bho thriùir a th' air a bhith an sàs sna naidheachdan thar bhliadhnaichean.
Agus buinidh cèiliche na seachdain, An Caiptean Eric Mac a' Ghobhainn, ri sgìre Bharabhais ann an Leòdhas, ged a tha e an-diugh a' fuireach san Òban. Nuair a dh'fhàg Eric an sgoil chaidh e gu muir mar a chaidh iomadh gille òg eile às na h-eileanan aig an àm. Thug e iomadh bliadhna a' seòladh nan cuantan 's a' toirt faisg air còig bliadhna deug thar fhichead ag obair do Bhòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath gus an do leig e seachad a dhreuchd bho chionn dà bhliadhna.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 11 Jan 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 11 Jan 202322:25BBC Radio nan Gàidheal