
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Tha Alasdair MacLeòid a' toirt suil tron leabhar ùr, My Life In Food le Albert Roux. Alasdair MacLeod reviews Albert Roux's newly published memoir, My Life In Food.
Tha Nollaig Ghàidhealach ga cumail ann an Canada air an deireadh sheachdain seo. Tha sinn a' cluinntinn bhon sgrìobhaiche Aonghas MacLeòid air Eilean Cheap Bhreatainn mu na bhios a' dol agus an t-àite a th' aig Colaisde na Gàidhlig anns a' choimhearsnachd.
Gach seachdain, tha Alasdair MacLeòid a' tòirt sùil air leabhraichean ùr mu bhiadh is còcaireachd. An-diugh, 's e My Life In Food le Albert Roux a th' aige. 'S e sgeulachd-beatha Albert Roux a th' anns an leabhar. B' e fear de na còcairean a b' ainmeile 's an t-saoghal agus, mar a tha sinn a' cluinntinn, choinnich Alasdair fhèin ris air a' Ghàidhealtachd.
Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a' leantainn air le sreath a' coimhead air pìosan bàrdachd ainmeil. 'S gu h-iomchaidh an-diugh, 's sinn a' teannadh ris a Nollaig, 's e obair Christina Rossetti a th' aige. 'S i a sgrìobh a dhà de na laoidhean Nollaige as ainmeile a th' againn: In the Bleak Midwinter agus Love Came Down at Christmas.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 8 Dec 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 8 Dec 202222:25BBC Radio nan Gàidheal