
le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a' toirt dhuinn eachdraidh a' bhàird ainmeil Ezra Pound, aig an robh beachdan poilitigeach gu math connspaideach, 's a chaochail bho chionn leth-cheud bliadhna.
Bha Ruairidh MacÌomhair aig a' chuirm-ciùil Rough and Rowdy Ways aig Bob Dylan ann an Glaschu oidhche Luain. Tha Cathy a' cluinntinn mar a chòrd e ris.
Tha leabhran beag ùr de bhàrdachd is dàin Murchaidh Cheanadaich, Murdànaidh Mast, air nochdadh. Tha Comunn Eachdraidh na Pàirce ann a Leòdhas air an leabhran fhoillseachadh agus tha Cathy a' cluinntinn bho nighean Mhurdànaidh, Sandra, agus bho Sheonaidh Mac a' Mhaoilein bhon chòmhlan Na Lochies, a bha a' seinn na h-òrain aige.
Chaidh na mìltean bhoireannaich an cuir gu bàs an Alba eadar 1563 agus 1736, fo chasaid gur e bana-bhuidsich a bh' unnta. Tha leabhar ùr air nochdadh mun deidhinn, We Are All Witches, air a sgrìobhadh le Mairi Kidd. Tha i ann an còmhradh ri Cathy mu cò iad, na sia mnatha deug air a bheil i a' toirt sùil sa leabhar, agus carson a sgrìobh i e.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 6 Nov 202212:00BBC Radio nan Gàidheal