
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Dè an dòigh as fheàrr a bhith ag ithe ma tha thu ag obair sioftaichean? A rèir rannsachadh ùr, tha na h-uairean aig a bheil thu ag ithe a' toirt buaidh mhòr air do bhodhaig 's air do shlàinte. Tha sinn a' cluinntinn bho thriùir a bha neo a tha fhathast ag obair sioftaichean.
Cò ris a tha e coltach do bhoireannaich a bhith ag obair ann an dreuchdan anns a bheil fir sa mhòr-chuid? Dimàirt a chaidh, chuala sinn sgeulachdan inntinneach bho fheadhainn aig a bheil eòlas air a sin. Bha 'd air ais an t-seachdain sa leis an tuilleadh.
Diciadain, bha Iain Urchardan a' deànamh luaidh air fear de luchd-ealain ainmeil nan Eilean Siar, Willie Fulton, a chaochail bho chionn còrr air seachdain.
Tha Cathy a' faighinn mìneachadh air an 'glass cliff'; nuair a tha boireannaich a' faighinn àrdachadh dreuchd aig amannan èiginneach le staing ionmhais agus seacadh eaconamach agus an teansa as motha ann gu fàillig iad.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 23 Oct 202212:00BBC Radio nan Gàidheal